Turas ‘Bannan’ dhan Eilean Sgitheanach / ‘Bannan’ Trip to Skye

Air an 13mh den mhìos, chaidh còignear sgoilearan (Amy, Cameron, Ruairidh, Eoin, agus Iain) a-null gu Sabhal Mòr Ostaig còmhla ri Maighstir Cuimeanach. Mar phàirt de dhuais FilmG, fhuair sinn an cothrom faicinn mar a bhios an drama Gàidhlig ‘Bannan’ air fhilmeadh.

On the 13th of this month, five pupils (Amy, Cameron, Ruairidh, Eoin, and Iain) went across to Sabhal Mòr Ostaig accompanied by Mr Cumming. As part of a prize for FilmG, we were fortunate enough to get the chance to see how the Gaelic drama ‘Bannan’ is filmed.  

‘Bannan’ Trip to Skye

Nuair a ràinig sinn togalach an t-Sabhail Mhòir, choinnich sinn ri feadhainn de na cleasaichean às a’ phrògram agus chuir sinn beagan cheistean air stiùiriche ‘Bannan’ cuideachd. An seo, chunnaic sinn na h-àitean far am bi iad a’ filmeadh nuair a bhios na caractaran air seata a-staigh, agus aodach nan cleasaichean. When we arrived at the Sabhal Mòr building, we met some of the actors and actresses from the program and got to ask the ‘Bannan’ director some questions as well. Here, we saw each set that they would use to film indoor scenes, and the actors’ costumes. An uair sin choisich sinn sìos chun a’ chidhe far an robh an sgioba-filmidh a’ dèanamh sealladh. Chithear dìreach cho sgileil is a tha na cleasaichean san drama oir b’ e sealladh glè èifeachdach a bh’ ann le sgriobt gu math fada. Às dèidh seo, chanainn gu bheil sinn uile a’ cur luach air cho doirbh ‘s a tha e prògram telebhisein ceart a dhèanamh, agus mhothaich sinn gu bheil e feumail barrachd air fichead daoine a bhith san sgioba agad! Then we walked down to the pie, where the film team were shooting a scene. It was obvious how skilled the actors were as it was a very effective scene with a lengthy script. After this experience, I would say that we all appreciate just how hard it is to make a professional TV program, and we realised that you’d need more than twenty people in your team!

‘Bannan’ Trip to Skye

Gun teagamh sam bith, ‘s e latha gu math spòrsail a bh’ ann agus bha rudan inntinneach ann airson a h-uile duine. Bha an turas seo feumail dha-rìribh a thaobh FilmG an ath bhliadhna, agus ionnsachadh mu dheidhinn cleasachd no sgilean filmidh. Cuideachd, fhuair Ruairidh an cothrom agallamhan a dhèanamh còmhla ri stiùirichean agus cleasaichean proifeiseanta. ‘S dòcha gun fhaic sibh iad ann am film san àm ri teachd.

Without a doubt, it was a very enjoyable day and there was something interesting there for everyone. This trip was very useful for our FilmG next year, and to learn a little about acting and filming skills. Also, Ruairidh got the chance to film some interviews with directors and professional actors. You might even say these in a film in the future.

‘Bannan’ Trip to Skye

Taing mhòr do FilmG, Bannan, agus Sabhal Mòr Ostaig airson an turais seo. Thank you very much to FilmG, Bannan, and Sabhal Mòr Ostaig for this trip. Le / By Iain Nelson

‘Bannan’ Trip to Skye

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out /  Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s